Am Bail' Ùr dhan iar-chuairt dheireannach

Tha Baile' Ùr an t-Slèibh air a dhol troimhe dhan Iar-chuairt dheireannaich ann an Cupa na Camanachd.

Rinn iad an gnothach air Ceann Loch Seile, a bha a' cluiche aig an taigh, 4-2.

Tha sin a' ciallachadh gur e Baile Ùr an t-Slèibh a bhios a' cluiche Chill Mhàilidh anns an iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd air an 28mh den mhìos seo aig Pàirc na h-Àirde sa Ghearasdan.

'S e Lòbhat a tha anns an iar-chuairt dheireannaich eile, còmhla ri Ceann a' Ghiùthsaich.

Cupa a' Bhaile Mhòir

Bidh Cill Mhàilidh ann an deagh shunnd às dèidh mar a bhuannaich iadsan Cupa a' Bhaile Mhòir Disathairne.

Chuir iad trì tadhail seachad air sgioba Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal, ged nach b' e geama furasta a bh' aca.

Bhuannaich iad 3-2 aig a cheann thall.

A' Phrìomh Lìog

Anns na geamaichean eile, chaill an t-Eilean Sgitheanach peanas aig deireadh a' gheama aca sa Phrìomh lìog, a' ciallachadh gun do chriochnaich an geama sin co-ionnan 3-3 an aghaidh Loch Abair.

Tha iad a-nis co-ionnan ri Gleann Urachadain aig bonn an lìog air 4 puingean an urra.

Ged a tha trì geamaichean a bharrachd aig na Sgitheanaich ri chluiche, tha cùisean fhathast gu math teann aig bonn an lìog.

Tha gnothaichean a' cheart cho teann aig mullach a' phrìomh lìog, le trì sgiobaidhean uile air 16 puingean a thogail gu ruige seo.

Rinn Lòbhat a chùis air Camanachd an Òbain, 2-1, gus gluasad co-ionnan le Baile Ùr an t-Slèibh agus Ceann Loch Seile aig a mhullach.

Tha Lòbhat air dà gheam a bharrachd a chluich ge-tà.

Chan eil Caol Bhòid ach aona phuing air cùlaibh nan trì sgiobaidhean aig a' mhullach às deidh dhaibh a chùis a dhèanamh air Cabar Fèidh 5-1.