Spaceport
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cataibh air thoiseach 'son port-fanais fhaighinn

16 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh airgead a thoirt do làrach ann an Cataibh airson a leasachadh mar a' chiad phort-fanais ann am Breatainn.

Thèid £2.5m a thoirt do dh' Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson a' phròiseict agus iad ag amas air fhosgladh an ceann trì bliadhna.

Chaidh Cataibh a thaghadh air thoiseach air Uibhist a Tuath agus Unst ann an Sealtainn.

Tha am fear-naidheachd againn Iain MacAonghais aig an làraich an-dràsta.