Dà thaigh-staile a' fosgladh às ùr?

Tha a' chompanaidh mhòr dibhe Diageo air planaichean fhoillseachadh airson taighean-staile ann am Brùra an Cataibh agus Port Ilein ann an Ìle fhosgladh às ùr.

Tha a' chompanaidh air £35m a chomharrachadh airson an leasachaidh.

Tha an taigh-staile ann am Brùra air a bhith dùinte o chionn còrr air 30 bliadhna.