Airgead ùr airson rathaidean na Gàidhealtachd

Toll-rathaid Image copyright JEFF OVERS

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse gun do lorg iad airgead a bharrachd airson rathaidean na sgìre a chàradh.

Chaidh £1,450,000 a bhathas a' dol a chosg air teicneòlas coimpiutaireachd ùr, a chur a dh'ionnsaigh nan rathaidean an àite sin, agus an teicneòlas air nas lugha a chosg na bha dùil.

Tha sgrùdaidhean air fhaighinn o chionn ghoirid gu bheil na rathaidean a tha fo sgèith Chomhairle na Gàidhealtachd ann an staid nas miosa na a' chuid as motha de rathaidean na h-Alba - agus gu bheil an suidheachadh a' dol am miosad.

Thuirt an Comh. Ailean MacEanraig, a tha na chathraiche air a' chomataidh a tha an urra ris na rathaidean, gu bheil iad gu math toilichte gu bheil an cothrom seo ga ghabhail càradh a dhèanamh, às dèidh mar a rinn an Geamhradh fada, fuar a bh' againn milleadh mòr.

Thuirt e gu bheil uallach mòr air a bhith air buidseat nan rathaidean o chionn beagan mhìosan, agus gun cuidich an t-airgead ùr seo gu mòr.