Ticeadan airson cuirm na h-Iolaire

Sanas na cuirme
Image caption Tha dùil gum bi fèill mhòr air na ticeadan.

Bidh ticeadan airson cuirm-chuimhneachaidh tubaist na h-Iolaire, a bhios ann air an là mu dheireadh den bhliadhna seo, ri fhaotainn bho 09:00m air Diluain, an 10mh là den t-Sultain.

'S e seo am prìomh thachartas coimhearsnachd a chomharraicheas ceud bliadhna bho thachair an tubaist.

Tha 720 ticead ri fhaighinn, saor 's an-asgaidh, airson na cuirme ann an Ionad Spòrs Leòdhais, agus thathas a' moladh do dhaoine an glèidheadh cho luath 's as urrainn dhaibh.

"Ùidh mhòr"

Tha Cathraiche Buidheann-Obrach na h-Iolaire, Tormod Dòmhnallach, an dùil gum bi fèill mhòr air na ticeadan.

"Tha sinn mothachail gu bheil, 's dòcha, an t-uabhas dhaoine airson ticeadan fhaighinn airson an tachartais a tha gu bhith againn aig deireadh na bliadhna agus tha sinn airson fiosrachadh gu leòr a chur a-mach gu math tràth".

Chan fhaigh gach duine a chuireas iarrtas a-steach ach ceithir ticeadan aig a' char as motha.

"Mas e 's gu bheil na h-àireamhan tòrr nas motha na sin coimheadaidh sinn an uair sin ri ceangal a dhèanamh eadar an t-ionad spòrs agus Sgoil MhicNeacail ach am bi e comasach do dhaoine an tachartas fhaicinn air sgrìon a-staigh an sin fhèin".

Tha dùil gum bi a' Chabhlachd Rìoghail am measg na ghabhas pàirt anns a' chuirm, far am cluinnear cuideachd bàrdachd 's òrain, òraid agus dràma.

Tha dòchas aca cuideachd gun tèid a' chuirm a chraoladh beò air an eadar-lìon.

Gabhaidh na ticeadan a ghlèidheadh tro làraich-lìn na Comhairle neo le bhith a' fònadh gu 01851 600502.