Soitheach chargo air grunnachadh

An soitheach air na creagan Image copyright Karen Munro

Tha soitheach chargo air grunnachadh eadar Arcaibh agus Gallaibh.

Fhuair am Priscilla, 292tr de dh'fhaid (89m), le sianar chriutha, ann an duilgheadas mu 03:30m.

Tha bàta-teasairginn Inbhir Theòrsa aig an làraich, agus tha bàta-slaodaidh, an Green Isle, air a bhith a' feuchainn ris an t-soitheach a chur air ais air bhog.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich nach eil aithrisean ann bhon chriutha fhathast a bheil milleadh mòr sam bith ann.

Chan eil coltas ann gun deach a' mhuir a thruailleadh aig an ìre seo.

Tha dùil gun ruig bàta-slaodaidh èiginneach nam Maor-Cladaich, an Ievoli Black, an làrach mu 6:00f diciadain.