One Show
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

The One Show anns na h-Eileanan

18 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh am prògram telebhisein The One Show a' tighinn beò à Leòdhas agus na Hearadh an ath-oidhche agus oidhche Haoine.

Tha an craoladh beò air a dhèanamh mar cho-bhanntachd eadar am BBC agus luchd-obrach is uidheamachd MG Alba.

Agus tha iad ar a bhith trang thar nam beagan sheachdainean a dh'fhalbh a' deasachadh airson nam prògraman sònraichte seo.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris a Steòrnabhagh.