"Leasachaidhean a dhìth" aig NHS na Gàidhealtachd

NHS na Gàidhealtachd

Chaidh innse do sgioba stiùiridh NHS na Gàidhealtachd gum feum iad leasachaidhean a dhèanamh an dèidh mar a rinn ath-sgrùdadh càineadh air mar a tha a' bhuidheann ga ruith.

Beachdaichidh buill a' Bhùird-Shlàinte air toraidhean an ath-sgrùdaidh aig coinneimh an ath-sheachdain.

Na bu thràithe den mhìos seo dh'innis Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead, gum biodh i a' fàgail na dreuchd aig deireadh na bliadhna.

'S e Cathraiche a' Bhùird-Slàinte, Dàibhidh Alston, a dh'iarr an t-ath-sgrùdadh, an dèidh do bhuill a' bhùird draghan a nochdadh mun dàimh a bh' aca ris an fheadhainn a tha a' stiùireadh na buidhne.

Molaidhean

'S e Cathraiche NHS Mòr-Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh, Iain MacIlleDhuinn, a bha os cionn an ath-sgrùdaidh, a rinneadh le bhith a' dèanamh agallamhan le buill a' bhùird agus àrd-mhanaidsearan, agus le bhith a' sealltainn ri sreath de choinneamhan - coinneamhan a' bhùird fhèin nam measg.

Rinn an t-ath-sgrùdadh sreath de mholaidhean a tha a' nochdadh feum air leasachaidhean mòra ann an conaltradh eadar àrd-mhanaidearan agus buill a' bhùird.

Chan e seo a' chiad uair a chuala am Bòrd-Slàinte leithid de mholaidhean.

O chionn ceithir bliadhna dh'fhàg neach-gairm comataidh aig Holyrood air Àrd-Stiùiriche NHS na Gàidhealtachd Elaine Mead, agus cuideachd air stiùiriche an ionmhais a bh' ann aig an àm, Nick Kenton, gun robh iad a' dèiligeadh ri buill a' Bhùird-Shlàinte mar gur e "balgain bhuachrach a bh' annta, le bhith gan cumail san dorchadas" a thaobh cuid de ghnothaichean ionmhais.