Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Rùnaire ùr Bhrexit, Dominic Raab, gun cuir e cabhag air na còmhraidhean 's e a' coinneachadh airson a' chiad uair an-diugh ri Àrd-Bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier. Tha Mgr Raab anns a' Bhruiseil aig an dearbh àm 's a tha an Coimisean Eòrpach a' foillseachadh pàipeir air cò ris a bhios e coltach ma 's e agus gum fàg Breatainn an EU gun aonta.

Crìoch na h-Èireann

Innsidh am Prìomhaire do dhaoine a tha a' fuireach air crìoch na h-Èireann gum bi malairt shaor eadar Èirinn a Tuath agus a' Phoblachd an dèidh Bhrexit. Bidh Theresa May, a tha a' tadhal air an sgìre sin an-diugh airson a' chiad uair bho bha referendum an EU ann, a' bruidhinn ri luchd-gnothaich.

Novichok

Tha aithrisean ann gur aithne do phoilis cò na Ruiseannaich a tha fo amharas mun ionnsaigh cheimigich air Sergei agus Yulia Skripal ann an Salisbury anns a' Mhàrt. Tha a' bhuidheann naidheachd PA ag ràdh gun deach innse dhaibhsan gun deach na h-uimhir de na Ruiseannaich sin a chlàradh air CCTV ann an Salisbury. Dhiùlt Scotland Yard dad a ràdh mun chùis.

Pàigheadh Shaighdearan

Thuirt Ministreachd an Dìon gum bi iad a' toirt airgid air ais do 8,000 de luchd-obrach nam feachdan armaichte a tha stèidhichte an Alba mu choinneimh àrdachadh chìsean Riaghaltas na h-Alba. Tha e coltach gun cosg sin mu £4m.

NHS na Gàidhealtachd

Bidh NHS na Gàidhealtachd a' beachdachadh an ath-sheachdain air aithisg a tha a' càineadh dhòighean stiùiridh. Tha an sgrùdadh neo-eisimeileach ag ràdh gum feum adhartas a bhith ann, agus e air tighinn am follais gu bheil am Bòrd-Slàinte còrr is £20m os cionn buidseit an dèidh dìreach trì mìosan den bhliadhna ionmhais ùir.

Annan

Thèid còrr is £7.5m a chur ris an eaconomaidh ann an ceann a deas na h-Alba. Tha Rùnaire na h-Eaconomaidh, Fearghas Ewing, ag ainmeachadh an airgid sin do sgìre a chailleas 450 cosnadh a dh'aithghearr nuair a dhùineas factaraidh èisg ann an Annan.