An t-Eilean Sgitheanach "an cunnart a sgrios"

Glumagan nan Sìthichean Image copyright Richard Croft/Geograph

Tha an t-Eilean Sgitheanach ann an cunnart a sgrios le turasachd a rèir na companaidh siubhail Jet Cost.

Tha a' chompanaidh a' cur an eilein san treas àite air liosta de naoi àiteachan air feadh an t-saoghail far a bheil àireamhan mòra de luchd-turais a' dèanamh cron air an àrainneachd.

'S e Borocay anns na h-Eileanan Filipìneach a thàinig sa chiad àite, les Bàgh Maya ann an Thailand san dàrna àite.

Chaidh liosta Jet Cost fhoillseachadh anns an iris Country Living.

A rèir Jet Cost, tha na h-àireamhan de luchd-turais air èirigh o chionn 's gu bheil an t-eilean ga shanasachd ann am fiolmaichean.

Ged a tha buannachdan mòra an cois gnìomhachas na turasachd dhan eaconomaidh ionadail, tha iad a' togail air a' chron a tha seo a' dèanamh air an àrainneachd.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gur e truailleadh a tha luchd-turais a' dèanamh as coireach gu mòr gu bheil trioblaid le sgudal plastaig air cladaichean an eilein.

Chaidh togail cuideachd air rathaidean a bhith air an tachdadh leis na tha de charbadan agus bhanaichean-campachaidh a' siubhal orra.