Dà bhàta-slaodaidh deiseil sa Chaol Arcach

Am Priscilla Image copyright Lewis Davidson/Thurso RNLI
Image caption Chaidh am Priscilla air na creagan mu 03:30m Diciadain air Sgeirean a' Chaoil Arcaich.

Tha dà bhàta-slaodaidh a' seasamh deiseil airson cuideachadh ann a bhith a' cur soithich chargo a th' air grunnachadh sa Chaol Arcaich air ais air bhog.

Chaidh am Priscilla, 292tr de dh'fhaid (89m), le sianar chriutha, air na creagan tràth madainn Diciadain.

Cha do shoirbhich le oidhirpean a cur air ais air bhog fhathast.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gu bheil an criutha air innse dhaibh nach deach an soitheach a mhilleadh, agus nach eil coltas ann gun deach truailleadh a dhèanamh.

Thèid oidhirpean eile a dhèanamh am bàta a shaoradh air thoiseach air muir-làn feasgar Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo