"Tro-fhaicsinneachd a dhìth" mu Chala an Òbain

Cala an Òbain Image copyright David Dixon/Geograph

Chan eil planaichean airson smachd a thoirt don bhuidhinn CMAL air cala an Òbain air fad tro-fhaicsinneach gu leòr.

Sin a rèir coinneimh poblaich san Òban oidhche Chiadain far an deach draghan a dheasbad mu na planaichean, agus buidhnean gnìomhachais sa bhaile ag ràdh nach deach co-chomhairle gu leòr a dhèanamh.

'S ann le CMAL a tha soithichean agus goireasan puirt Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Sàbhailteachd sa Chala

Ged a tha a h-uile duine ag aontachadh le CMAL gu bheil ceistean ann mu shàbhailteachd sa chala le barrachd shoithichean a' tighinn 's a' falbh ann, nochd daoine aig a' choinneimh beachd nach bu chòir smachd a bhith aig CMAL air a h-uile rud, oir gum fàgadh sin gur e an t-Òban a' chiad phort san RA a bha gu tur san roinn phoblaich.

"Cha chreid mi gun do dh'fhàg duine aig a' choinneimh teagamh sam bith mu mar a bha iad a' faireachdainn mu ghoireas cho cudromach a bhith ann an làmhan aon bhuidhne coimearsalta," thuirt stiùiriche Caidreachas Turasachd Earra-Ghàidheal 's nan Eilean, Linda Battison.

"Cha b' e sin idir an rathad ceart air adhart.

"Tha a h-uile duine ag aontachadh gum feumar piseach a thoirt air sàbhailteachd sa bhàgh.

"Tha e gu math trang, agus tha sàbhailteachd, gu follaiseach, fìor chudromach.

"Ach chan urrainn dhuinn leigeil le aon bhuidhinn chorporra, no aon bhuidhinn stàite - agus 's e buidheann stàite a th' ann an CMAL - smachd a bhith aca air a' chala gu lèir.

"Chan eil sinn ag iarraidh gur ann leis an stàit a bhios am bàgh againn. Feumaidh e fuireach fosgailte dhan a h-uile duine a chleachdas e, agus 's e goireas a th' ann nach urrainn dhuinn dìreach a thoirt seachad."