Bàs air rathad Ulapuil

Seacaid Phoilis

Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich fireannach às dèidh tubaiste eadar motor-baidhseagal agus càr faisg air Ulapul feasgar Diardaoin.

Bha am prìomh rathad dùinte airson còrr agus ochd uairean de thìde.

Dh'fhàg e gum b' fheudar do dhaoine a bha a' dèanamh air bàt-aiseig Steòrnabhaigh a dhol slighe fhada gus an ruigeadh iad Ulapul.

Chuir Calmac dàil air seirbheis an fheasgair 'son leigeil leotha faighinn ann.