Ainm às dèidh tubaiste mairbhtich

Seacaid Phoilis

Dh'ainmich na Poilis an duine a chaidh a mharbhadh feasgar Diardaoin nuair a bhuail am motor-baidhseagal aige ann an càr faisg air Ulapul.

B' e Seumas Stead, a bha 50, agus a bhuineadh do sgìre Bhaile Eògainn air Taobh Sear Rois.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde, agus chaidh an aiseag gu Steòrnabhagh a chumail aig cala gu 7:00f, seach gun deach dàil air luchd-siubhail a bha a' dèanamh air an aiseag.