Bàs-rathaid san Eilean Dubh

Carbad Phoileas

Tha fireannach, 73, air bàsachadh an dèidh do dhà charbad bualadh na chèile san Eilean Dubh.

Bhàsaich e aig làrach na tubaiste, air an A832 eadar Todhair agus Poll Lòchaidh, beagan an dèidh 08 :30m Disathairne.

Bha e air a bhith a' dràibheadh Ford Focus, a bhuail ann an 4x4 a bha a' tarraing bocsa-eich.

Chaidh dràibhear an 4x4 a ghoirteachadh, 's a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis airson leigheas fhaighinn.

Chaidh an rathad a dhùnadh airson sia uairean de thìde.