Priscilla fhathast air na creagan

Am Priscilla Image copyright Lewis Davidson/Thurso RNLI

Tha luchd-sàbhalaidh air an deireadh-seachdain a chur seachad a' beachdachadh air mar a ghabhas am bàta-cargo, am Priscilla, a chur air ais air bhog.

Chaidh an soitheach, a tha 292tr de dh'fhaid (89m), air Sgeirean a' Chaoil Arcaich tràth Diciadain seo chaidh.

Chaidh grunn oidhirpean a dhèanamh airson a saoradh bho na creagan, ach cha do shoirbhich le gin aca.

Tha sianar chriutha air bòrd, agus tha iadsan air innse nach eil an soitheach air a milleadh sam bith.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich nach eil coltas ann idir gun deach truailleadh a dhèanamh.

Thuirt Riochdaire Rùnaire na Stàite airson Sàbhalaidh Mhara, Uisdean Seathach, a tha os cionn na h-iomairt, gu bheil iad a' coimhead ri grunn roghainnean.

"Cuid dheth sin 's e a bhith a' coimhead feuch càite a bheil an connadh, uisge balaiste sam bith, càite a bheil an cargo?" thuirt e.

"An gabh càil dheth sin gluasad feuch an cuideam atharrachadh ann am pàirtean den t-soitheach.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead ri suidheachaidhean far am bi sinn a' coimhead 's dòcha ri beagan den chargo a thoirt a-mach, gus an soitheach a dhèanamh nas aotruime, agus chuidicheadh sin oidhirpean gus a slaodadh far nan creagan," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo