Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-sabaid IS

Tha Oifis na Dùthcha air innse nach eil iad tuilleadh a' cur an aghaidh na Stàitean Aonaichte a bhith a' cur binn bàis air dithis Bhreatannach a bha nan luchd-sabaid Ioslamach. Thathas a' tuigsinn gu bheil Rùnaire na Dùthcha, Sajid Javid, air sgrìobhadh gu na h-ùghdarrasan ann an Aimeireaga, ag innse gun toir Breatainn seachad fiosrachadh a chuidicheas ann a bhith a' dìteadh an dithis, a bha nam buill den bhuidhinn a bha a' gabhail "Na Beatles" orra fhèin. Thathas den bheachd gun robh a' bhuidheann an sàs ann an cuid den eucoir as miosa ann an Siria.

Banca Barclays

Dh'fhoillsich Banca Barclays planaichean gus suas ri 2,500 cosnadh a bharrachd a chruthachadh am meadhan Ghlaschu. Thathas a' tomhais gun toir e cha mhòr dùblachadh air na tha ag obair dhaibh uile gu lèir an Alba. Thathas am beachd an campus a thogail aig Laimirig Bhochanan, ri taobh Uisge Chluaidh.

Na Làbaraich

Tha am Ball-Pàrlamaid Làbarach Dame Mairead Hodge ag ràdh gu bheil i a' seasamh na thuirt i mu dheidhinn Jeremy Corbyn a bhith ri gràin-Iùdhach agus gràin-cinnidh. Tha sin a dh'aindeoin 's mar a thèid a casg air a shon. Coinichidh am Pàrtaidh Làbarach sa Phàrlamaid nas fhaide den là far an tèid ìmpidh a chur air buill an reachdas a thaobh gràin air Iùdhaich a dhèanamh nas cruaidhe.

Brexit

Tòisichidh ministearan streath de choinneamhan thar prìomh bhailtean na Roinn Eòrpa an t-seachdain seo ann an oidhirp taic fhaighinn do mholaidhean ùra na Rìoghachd Aonaichte air a' chàirdeas leis an EU às dèidh Bhrexit. Bidh Rùnaire nan Dùthchanan Cèin, Jeremy Hunt, ann am Berlin an-diugh - far a bheil dùil gun iarr e air an EU a bhith nas sùbailte agus nas cruthachaile anns na còmhraidhean ri tighinn, gus suidheachadh far am bi Breatainn a' fàgail an EU gun aonta a sheachnadh.

Searbhag

Chaidh triùir fhireannach a chur an grèim ann an Lunnainn cò-cheangailte ri ionnsaigh anns an deach gille trì bliadhna de dh'aois a dhroch ghoirteachadh le searbhag. Thachair an ionnsaigh ann am bùth feasgar Disathairne ann am Worcester. Tha na Poilis air aon duine eile, fireannach 39 à Wolverhampton a chumail an grèim. Tha am balach a-niste air an t-ospadal fhàgail an dèidh leigheas, 's e air a losgadh mu a ghàirdean 's mu aodann.

Priscilla

Tha eòlaichean air a bhith a' feuchainn fad an deireadh-sheachdain ris an t-soitheach chargo, am Priscilla, a th' air na creagan sa Chaol Arcach - a chur air ais dhan uisge. Ghrunnaich i tràth madainn Diciadain, ach gu ruige seo tha e air faileachadh orra a gluasad. Tha a' chompanaidh air luchd-saoraidh a-nis a thoirt a-steach.

Ryanair

Thuirt a' chompanaidh adhair Ryanair gun robh lùghdachadh 20% anns na prothaidean aca eadar an Giblean agus an t-Ògmhios - an coimeas ris an aon àm an-uiridh. Rinn iad £285m. Tha iad a' coireachadh faraidhean nas saoire, connadh nas daoire agus cosgaisean luchd-obrach. Thathas an dùil gum bi prìs nan ticeadan nas ìsle air sgàth na sìde teotha thar cheann a tuath na Roinn Eòrpa, agus mì-chinnt mu stailcean nam pìleatan.