Soirbheachas HebCelt

HebCelt

Tha an fheadhainn a tha a' cur Fèis Cheilteach Innse Gall air dòigh dhen bheachd gur e fèis na bliadhna-sa an tè bu shoirbheachail a bh' aca fhathast.

Reic iad na ticeadan gu lèir airson ceithir oidhcheannan, is an fhèis a' tighinn gu ceann Oidhche Shathairne sa chaidh.

Bha Deacon Blue, The Fratellis, Eddi Reader, Skipinnish agus Roddy Woomble uile a' cluiche aig an fhèis, a tha ga cumail ann an Steòrnabhagh.

Tha còrr air an dàrna cuid den luchd-èisteachd a' tighinn bho thaobh a-muigh na h-Eileanan Siar, le cuid a' dol ann à Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte.

Thuirt Stiùiriche na fèise, Caroline NicIllInnein, gur dòcha gur e seo a' bhliadhna bu shoirbheachail a bh' aca fhathast.

Chaidh casg air plastaig a bhios daoine a' cleachdadh aon uair a chur an sàs aig an fhèis am bliadhna, gus an tachartas a dhèanamh nas fheàrr dhan àrainneachd.