Uireasbhaidh NHS na Gàidhealtachd ga deasbad

NHS na Gàidhealtachd

Beachdaichidh buill Bhòrd-Slàinte na Gàidhealtachd air suidheachadh ionmhais na buidhne madainn Dimàirt, agus e air tighinn am follais gu bheil iad £8m thairis air buidseat sna trì mìosan gu deireadh an Òg-mhìos.

Tha dragh ann gum bi iad còrr air £20m thairis air buidseat ro dheireadh na bliadhna ionmhais seo.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh bhall a' bhùird thathas ag ràdh gu bheil aig a' Bhòrd-Shlàinte ri sàbhalaidhean luach còrr air £50m a dhèanamh sa bhliadhna ionmhais seo.

Thathas air sàbhalaidhean luach £31m a chomharrachadh, ach tha beàrn ann fhathast.

Chaidh seo a thogail le Riaghaltas na h-Alba, agus tha an aithisg ag ràdh gum biodh iad feumach air taic bhon Riaghaltas gus a' bheàrn seo a lìonadh.

Cuideachd, thèid beachdachadh air an dòigh sa bheil a' bhuidheann air a riaghladh, às dèidh mar a chaidh aithisg fhoillseachadh aig deireadh na seachdain seo chaidh a sheall gun robh uireasbhaidhean san dòigh san robh àrd-stiùirichean a' cumail fios ri buill a' bhùird agus gum bu chòir dhaibh beachdachadh air taic a shireadh bho chuideigin aig a bheil an t-eòlas agus na teisteanasan freagarrach gus beagan stiùiridh a thoirt dhaibh.