Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Tha na h-ùghdarrasan anns a' Ghrèig ag ràdh gun do chaill còrr is 60 duine am beatha ann an dà theine mhòr coille a rinn sgrios air bailtean ris a' chladach agus air ionadan turasachd faisg air an Àithne. Bha còrr is 20 corp ann an aon togalach ann am baile Mati, agus tha aithrisean ann gun deach daoine a bhàthadh anns a' mhuir nuair a theich iad bhon teine.

Laos

Tha na h-ùghdarrasan ann an Laos air taobh sear Àisia ag ràdh gu bheil ceudan dhaoine a dhìth an dèidh do dhàm sgaoileadh. Tha na meadhanan stàite ag ràdh gun tug na tuiltean a lean buaidh air sia bailtean ann an ceann a deas na dùthcha, agus gu bheil còrr is 6,000 duine gun dachaigh.

Brexit na h-Alba

Tha èisteachd a' tòiseachadh anns a' Phrìomh Chùirt an-dràsta air àimhreit mu Bhrexit eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba. Tha a' chùis stèidhichte air a bheil cead aig Riaghaltas na h-Alba bile a stèidheachadh airson nach caill iad cumhachdan ri Westminster an dèidh Bhrexit. Seo a' chiad uair bho thàinig fèin-riaghladh a dh'Alba a tha Westminster air cùis a thogail an aghaidh reachdas a chaidh a stèidheachadh aig Holyrood.

Iain Òg Paisley

Bidh Taigh nan Cumantan a' beachdachadh an-diugh air moladh gum bu chòir casg 30 là a chur air Iain Paisley, ball Dheamocrataich an Aonaidh. Fhuair rannsachadh gun do bhris esan riaghailtean pàrlamaid leis nach do dh'innis e mu shaor-làithean teaghlaich gu ruige Sri Lanka, a bha Riaghaltas Sri Lanka air a phàigheadh dha. Tha Mgr Paisley ag ràdh gur e mearachd neo-chiontach a rinn e.

NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air aithisg a tha a' càineadh dhòighean-stiùiridh. Tha an sgrùdadh neo-eisimeileach ag ràdh cuideachd gum feum adhartas a bhith ann, agus e air tighinn am follais gum faodadh am bòrd a bhith còrr is £20m os cionn am buidseit air a' bhliadhna ionmhais seo.

Call-Cosnaidh

Chaidh 16,000 cosnadh a chall ann an obair-bùtha ann an Alba air an t-seachd bliadhna mu dheireadh, a rèir Chaidreachas Bùtha na h-Alba. Thuirt ministearan Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh airson an eaconomaidh a chuideachadh.

Trump

Dh'innis companaidh Dhòmhnaill Thrump gu bheil iad a' foillseachadh tuilleadh phlanaichean airson làrach a' ghoilf aige faisg air Obar Dheathain. Tha Buidheann Thrump airson 500 dachaigh a thogail, agus leudachadh air an taigh-òsta agus goireasan cur-seachad eile air làrach ghlèidhteachais SSSI.