Am Priscilla ga falamhachadh

Luingeas sa Chaol Arcach Image copyright Andy Mitchell

Thòisich obair gus cargo agus ola a thoirt far soithich a ghrunnaich sa Chaol Arcach an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh am Priscilla, a tha 292tr de dh'fhaid (89m) agus clàraichte san Òlaind, air Sgeirean a' Chaoil Arcaich tràth sa mhadainn Diciadain seo chaidh.

Dh'fhailich air a h-uile oidhirp thuige seo gus a cur air ais air bhog, agus tha a' chompanaidh leis a bheil i a-niste air luchd-sàbhalaidh fhastadh.

Tha an iomairt fo shùil Riochdaire Sàbhalaidh Mhara Rùnaire na Stàite, Ùisdean Seathach, a th' air a ràdh gu bheil an aimsir a' leantainn fàbharach.

Luach

Feumar mu dhàrna leth an 3,000 tunna de thodhar a th' air bòrd a thoirt far an t-soithich, agus a chur air bòrd shoithichean eile.

"Tha an aimsir foirfe airson na h-iomairt an-dràsta, ach tha fhios agann, mar a leanas an t-seachdain, gun atharraich cùisean," thuirt Mgr Seathach.

"Mar sin dheth, tha sinn a' dèanamh a h-uile oidhirp uiread 's a ghabhas a dhèanamh a dh'ionnsaigh a cur air ais air bhog ro dheireadh na seachdain."

Bheir an luchd-sàbhalaidh cuideachd a' chuid as motha den ola a th' air bòrd a' Phriscilla dhith.

Thèid adhair brùthte a phumpadh a-steach gu tancaichean an t-soithich, agus thèid am balaiste a toirt a-mach mus feuchar air a cur air ais air bòg le àirde an làin.

Ma shoirbhicheas leis an iomairt, thèid sgrùdadh aithghearr a dhèanamh air an t-soitheach mus tèid a gluasad gu àite sàbhailte airson mion-sgrùdaidh.

Chan eil dùil gun deach an soitheach a mhilleadh sam bith, agus chan eil coltas ann gun deach truailleadh a dhèanamh.

Thuirt Mgr Seathach gun dèan an luchd-sàbhalaidh gach oidhirp gus truailleadh a sheachnadh tron iomairt.

"Nìthear gach oidhirp gus an todhar a thoirt gu sàbhailte a-steach gu na bàirdsichean," thuirt e.

"Chaidh innse dhomh gun sgaoileadh e gu nàdarra, ach aig an àm seo, tha luach fhathast sa chargo.

"Mar sin dheth, bheir na bàirdsichean an todhar gu cala sàbhailte, far an tèid a chur air bòrd soithich chargo eile, agus thèid an todhar a chur air ais air a' mhargaidh.

"Chan eileas ag iarraidh dad dheth a chall aig an ìre seo."

Thuirt e gu bheil obair-sàbhalaidh "doirbh an-còmhnaidh."

Ach thuirt e gu bheil a h-uile earbsa aige gu bheil gach rud a ghabhas dèanamh ga dhèanamh, agus gu bheil na goireasan a tha a dhìth an làthair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo