Teine ri taobh Loch Mùrlaig

Teine ga chur thuige Image copyright SNH/Lorne Gill

Thuirt luchd-smàlaidh gur e teine a bh' aig luchd-campachaidh a bu choireach ri teine ann an coille faisg air Loch Mùrlaig ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh madainn Dimàirt.

B' fheudar sgiobaidhean às an Aghaidh Mhòir, Ceann a' Ghiùthsaich agus Bail' Ùr an t-Slèibh a chur a dh'ionnsaigh na coille, eadar Loch Mùrlaig agus Rath Mhurchais.

Thathas air a bhith a' comhairleachadh do dhaoine a bhith faiceallach 's iad a' campachadh, agus gun teintean a chur thuige, agus aimsir theth, tioram, air leantainn còrr air dà mhìos.