Connspaid nan Loch a' leantainn

Ball

Iarraidh Club Ball-Coise nan Loch stiùireadh bho Chomann Ball Coise Leòdhais is na Hearadh mun t-suidheachadh anns a bheil iad agus rèitirean a' diùltadh gnothach a ghabhail ris na geamaichean aca.

Tha seo ann ri linn tachartas eadar fear de na cluichdeairean aca agus rèitire.

Chan ann air a' phàirc a bha seo.

Tha na Lochan ag ràdh nach cuir iad casg air a' chluicheadair, is na rèitirean a' diùltadh geamaichean nan Loch a ghabhail gus an tèid dèiligeadh ris a' chùis.

Tha na Lochan a-nise a' dol a dh'iarraidh stiùir bho Chomann Ball Coise Leòdhais is na Hearadh.

Beachdaichidh Comann Ball-Coise Amateurach na h-Alba air a' chùis cuideachd Diardaoin, ach leis nach do thachair an tachartas air a' phàirc, chan urrainn dhan chomataidh chronachaidh acasan a dhol an sàs ann.

Tha dùil ge-tà, gun toir iad stiùir dha Comann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh.

Bàrr

Air a' phàirc, tha an Rubha a-nise 4 puingean air thoiseach aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air an Taobh Siar oidhche Luain.

Chaidh na Rubhaich air thoiseach sa chiad leth am Barabhas le tadhal bho Anndra Moireasdan, ach bha na Siaraich co-ionnan gu sgiobalta le fear-glèidhidh an Rubha a' cur a' bhuill dhan lìon aige fhèin.

Chuir Moireasdan an Rubha air ais air thoiseach san dàrna leth is rinn Wally MacÌomhair cinnteach gum faigheadh iad na puingean leis an treas tadhal.

Tha seo a' fàgail an Rubha le 25 puingean is 4 geamaichean air fhàgail.

Leum Nis dhan dàrna àite air 21 phuing nuair a rinn iadsan an gnothach air United Steòrnabhaigh Diluain.

Thàinig tadhail Nis bho Kenny 'Parry' MacLeòid, Jack Dunlop, Mìcheil Russell Mac a' Ghobhainn (2) is fear a chuir Fionnlagh MacSuain aig United dhan lìon aige fhèin.