Barrachd chruidh gan reic air sgàth na sìde

Crodh

Tha an teas agus an t-sìde mhath a' toirt buaidh air na margaidhean sprèidh.

Chaidh barrachd bheathaichean mairt a chur gu fèill an t-seachdain a chaidh na an àbhaist - chan eil feur ann airson an cumail.

Chan eil an aimsir air uiread de bhuaidh a thoirt air margaidh nan uan ge-tà.

Thuirt Stiùbhart Ashworth bhon bhuidhinn Quality Meat Scotland gun deach tòrr a bharrachd chruidh a bha deiseil airson reamhrachadh airson an spadadh a reic aig margaidean spèidh an t-seachdain a chaidh an coimeas ris an aon sheachdain an-uiridh.

Thuirt e gun robh ardachadh ann de 40%.

Bha e ag ràdh cuideachd gun robh prìsean sìos mu £100 am beathach seach gun robh an crodh air a dhol gu margaid tràth.

Thuirt e ge-tà, nach robh uiread de dh'uain gan reic an coimeas ri an-uiridh.

Bha e ag ràdh gu bheil prìsean nas ìsle airson uan an-dràsta seach gu bheil fèill nas motha air feòil-mhairt nuair a tha an t-sìde teth.