Aonaidhean a' coinneachadh ri DF Barnes

workers in Arnish yard
Image caption Aig aon àm, bha na ceudan ag obair aig gàradh Airinis

Thèid riochdairean bho aonaidhean-ciùird na h-Alba a Chanada 'son coinneachadh ris a' chompanaidh DF Barnes, a ghabh gàradh Àranais ann an Leòdhas os làimh, còmhla ris na gàraidhean ann am Burntisland agus Methil ann am Fìobha.

Tha oifigearan bho GMB Alba agus bho Unite gu bhith a' siubhal a Chanada Diciadain, 's iad a' dèanamh oidhirp obraichean a chailleadh aig làraichean na companaidh a thoirt air ais.

Cha deach a ghlèidheadh ach seachd obraichean pàirt-ùine a-mach à 400, agus mar sin tha na làraichean cha mhòr dùinte.

Obraichean as cudromaiche

Ghabh DF Barnes, a tha fo smachd JV Driver, thairis BiFab sa Ghiblean le taic bho Riaghaltas na h-Alba.

Choinnich na h-aonaidhean-ciùird ri Rùnaire an Iomhais agus na h-Eaconomaidh, Derek Macaoidh, Dimàirt.

Thuirt labhraichean bho GMB Alba agus Unite gur e obraichean fhaighinn do mhuinnitir Leòdhais agus Fìobha an rud as cudromaiche dhaibhsan.