"Mearachdan" mu shlàinte Ghallaibh

Ospadal Dhùn Barra, Inbhir Theòrsa Image copyright J Thomas/Geograph

Dh'aidich cathraiche NHS na Gàidhealtachd gun do rinn iad grunn mhearachdan san dòigh anns an do làimhsich iad atharrachadh ann an seirbheisean slàinte ann an Gallaibh.

Chaidh Bòrd na Slàinte a dhubh-chàineadh air a shon, ach dh'aontaich iad Dimàirt am pròiseas a thoiseachadh as ùr, agus co-chomhairle phoblach a chur an sàs air na roghainnean as fheàrr.

'S iad cuid de na roghainnean na milleanan notaichean a chosg air Ospadal Ghallaibh a leasachadh, ionad-cùraim èiginneach ann an Inbhir Theòrsa a chumail a' dol, agus lùghdachadh ann an cùram 24 uairean san là.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a-nis ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e dhaibh a bhith a' gabhail foir air beachdan na coimhearsnachd.