Rabhadh mu phrìsean ìosail as t-Fhoghar

Caoraich

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba a' toirt rabhaidh gum bi prìs nan caorach 's a' chruidh gu math nas ìsle as t-Fhoghar am-bliadhna.

Tha an gainnead feòir a th' ann as t-Samhradh seo ri linn na h-aimsire tiorma, teth, a' fàgail gu bheil mòran thuathanach is chroitearan a' coimhead nach tèid aca air biadh a chumail ri stoc thar a' Gheamhraidh, 's gum bi iad airson beathaichean a reic.

Tha cuid mar thà a' cur bhuapa stuic, 's iad a' faicinn gun tèid prìsean sìos eadar seo agus fèilltean an Fhoghair.

Tha dùil nach bi stoc, leithid uain, aig ìre as t-Fhoghar, ri linn cion a' bhìdh, agus mar sin nach dèan iad deagh phrìsean.

A thuilleadh air sin chan eil dùil aig an ìre seo gum bi feur gu leòr ann airson stoc a cheannaicheadh daoine as t-Fhoghar a reamhrachadh, agus nach bi tuathanaich cho deònach stoc a cheannach.

"Tha mi fhèin a' toirt fodair Geamhraidh do chrodh a-muigh," thuirt Iar-Cheann-Suidhe NFU na h-Alba, Martainn MacUalraig.

"'S e dragh mòr a tha sin, oir bidh buile aige dàrna leth a' Gheamhraidh a tha romhainn.

"Ach airson gnìomhachas nan uan, chan eil teagamh gu bheil uisge gu mòr a dhìth.

"Tha sinn a' faighinn beagan uisge san là no dhà a dh'fhalbh, agus bu chòir gun cuidich sin, 's gun atharraich e inntinnean dhaoine.

"Oir an-dràsta, cha bhi duine ag iarraidh uain a cheannach mura bheil feur ann a dh'itheas iad," thuirt e.