Rabhadh mu luchd-ceannaich stairsich

Suaicheantas Poileas Alba Image copyright Poileas Alba

Dh'iarr Poilis an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse air an t-sluagh a bhith faicealach, is aithrisean gu bheil luchd-ceannaich a' nochdadh air stairsich dhaoine gun fhiosta, a' feuchainn ri seann chàraichean, is meatailt a cheannach.

Tha daoine ann an Loch Carrann, Sìldeag, air a' Chomraich agus ann an Toirbheartan air a bhith a' cur fios air na Poilis agus ag innse gu bheil luchd-ceannaich a' tighinn faisg agus a' coimhead timcheall nan taighean aca - gun chead - agus an uairsin a' cnogadh air na dorsan aca, ag iarraidh seann chàr, no seann phìos meatailte a cheannach.

Na gabh gnothach riutha

Thuirt an Constabal Craig Allan gu bheil grunn dhaoine air fios a chur thuca 's iad a' faireachdain amharasach mun luchd-ceannaich.

Mhol an constabal nach bu chòir gnothach a ghabhail ris na daoine seo.

"Can nach eil sibh 'son dèiligeadh riutha, dùin an doras, agus an uairsin tog am fòn dha na Poilis air 101, agus innis dè tha air tachairt," thuirt e.