Obair air seach-rathad an t-Sròim

Seach-rathad rèile
Image caption Thèid seach-rathad rèile a chur an sàs airson na h-ùine a mhaireas an obair air a' chreig.

Tòisichidh obair air a' chreig os cionn seach-rathaid an t-Sròim air an 3mh Sultain, agus mairidh e 12 seachdain.

'S ann an iar air an fhasgadh-maoime a thèid an obair a dhèanamh.

Bidh an rathad dùinte air an oidhche eadar 10:00f agus 07:00m eadar na geataichean sàbhailteachd aig Àird an Tairbh agus beagan an iar air Atadal.

Bidh solais thrafaig an sàs air an rathad tron là, fhad 's a thèid seach-rathad a chur an sàs air an rèile.

Thugadh suas ri dà sheachdain dhan chùmhnantaiche airson an obair sin a dhèanamh.

Gheibh daoine air an rathad a chleachdadh an dèidh sin a rèir chlàr-ama.

Thèid an seach-rathad rèile a thoirt air falbh aon uair 's gu bheil an obair air a' chreig ullamh, leis an rathad ga dhùnadh air an oidhche eadar na gèataichean a-rithist.

Tha dùil gum bi an rathad fosgailte a-rithist agus air ais dhan àbhaist ron 24mh là den t-Samhain.