Am Priscilla air ais sa mhuir

  • Air fhoillseachadh
Priscilla under tow
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh am Priscilla a chur air ais dhan mhuir anmoch oidhche Chiadain

Chaidh am bàta-bathair Duidseach, am Priscilla, a chaidh air na creagan sa Chaol Arcach bho chionn còrr is seachdain, a chur air bhog a-rithist anmoch oidhche Chiadain.

Chaidh an soitheach, a tha 292tr de dh'fhaid (89m), air Sgeirean a' Chaoil Arcaich tràth Diciadain seo chaidh.

Chaidh grunn oidhirpean a dhèanamh airson a saoradh bho na creagan bhon uairsin, ach cha do shoirbhich le gin aca.

Bho thoiseach na seachdain-sa tha sgioba-saoraidh, a bha fo smachd Riochdaire Rùnaire na Stàite airson Sàbhalaidh Mhara, Uisdean Seathach, air a bhith ag obair gus bathair agus connadh a thoirt far a' Phriscilla.

Làn sgrùdadh

Bhathas den bheachd nach dèigheadh oidhirp a dhèanamh gus am Priscilla a chur air ais dhan mhuir gu madainn Diardaoin.

Ach, dh' innis Mgr Seathach dhan BhBC gun dèanadh iad oidhirp nas tràithe na sin nam biodh e comasach agus dùil ri droch shìde san sgìre nas fhaide air adhart san t-seachdain.

Thug bàtaichean-slaodaidh i a-steach gu Scapa Flow Diciadain agus bàta-teasargainn an Longhope rin taobh.

Thèid làn-sgrùdaidh a-nis a dhèanamh air am Priscilla a-nis mus tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh mun ath-cheum.

Tha an t-sianar chriutha a th' oirre slàn sàbhailte agus fhathast air bòrd.