Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

SFA

Tha clann a tha a' cluich ball-coise ann an Alba ann an cunnart bho ionnsaighean drabasta leis nach eil poileasaidhean ceart aig an SFA, a-rèir aithisg ùr a thèid fhoillseachadh Diardaoin. Chaidh an rannsachadh iarraidh ann an 2016 nuair a thàinig seann chùisean am follais de dh'ionnsaighean drabasta air òigridh. Tha e coltach gun gabh an SFA ris na tha san aithisg agus gum feuch iad, cho fad 's as urrainn dhaibh, na molaidhean a chuir an sàs.

Pacastan

Tha e coltach gur e seann sgiobair chriogaid Phacastan, Imran Khan, a tha air thoiseach ann an taghadh a' chinn-suidhe. Tha a nàimhdean poilitigeach ag ràdh gu robh a bhòt coirbte ach tha oifigich an taghaidh ag ràdh gu robh a h-uile dad dheth mar bu chòir.

Cìsean Malairt

Dh'èirich luach nan earrainean air na margaidhean sa mhadainn an-diugh an dèidh dhan Cheann-suidhe Trump agus Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, aontachadh gum feuch iad ri cìsean malairt a sheachnadh. Thuirt Mgr Juncker, an dèidh nan còmhraidhean san Taigh Gheal, gu bheil caibideil ùr a' fosgladh ann an càirdeas malairt eadar nan Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach.

Tubaist

Chaidh duine a thogail dhan ospadal ann an heileacoptair an dèidh tubaist rathaid ann an Siorrachd Obar Dheathain sa mhadainn an-diugh. Bhual car ann an craobh beagan tuath air Ceann Phàdraig agus thuirt poilis gun deach an duine a dhroch ghoirteachadh. Tha poilis ag iarraidh air draibhearan am pìos sin de rathad an A90 eadar Ceann Phàdraig agus St Fergus a sheachnadh agus e dùinte an-dràsta.

Giomaich

Thèid dragh mu riaghailtean ùra 'son meud a' ghiomaich a thoirt gu aire Marine Scotland an dèidh do dh'iasgairean cleibh san Eilean Sgitheanach gearain ris a' BhP aca ann an Dùn Èideann, Ceit Fhoirbeis. Rinn Marine Scotland àrdachadh na bu tràithe am bliadhna gu 88mm air meud a' ghiomaich a dh' fhaotas iasgairean a' chumail. Thuirt Ceit Fhoirbeis gun do dh'inns iasgairean dhithse gur e glè bheag de ghiomach air a' chost an iar a tha cho mòr sin agus thuirt i gun tog i sin le Marine Scotland agus le ministearan àrainneachd agus cùisean dùthchail na h-Alba.