County air an smocadh an Obar Bhrothaig

County Image copyright SNS

Bha fìor dhroch oidhche aig Ross County an Cupa na Lìge is iad a' call 4-1 an aghaidh Obar Bhrothaig aig Gayfield.

Rinn Stiùbhart Kettlewell is Steafan Fearghasdan sreath de dh'atharrachaidhean bhon sgioba a rinn a' chùis air Dundee United sa gheama mu dheireadh aig County, is bha coltas ann tràth nach dèanadh sin cus diofar is Billy MacAoidh gan cur air thoiseach.

Bha Obar Bhrothaig co-ionnan le breab-peanais bho Mhìchael McKenna ro lethach slighe ge-tà, is chaidh Tony Dingwall aig County an uairsin a chur far na pàirce às dèidh cha mhòr uair a thìde.

Ghabh na Red Lichties smachd air a' gheama is thàinig tadhail bho McKenna a-rithist, Cailean Hamilton is Kane Hester, a' fàgail na sgioba bho Lìog 1 air an dòigh is County air an nàireachadh.

Tha seo a' fàgail gum bi aig County ris a' chùis a dhèanamh air Alloa ann an 90 mionaid Disathairne gus a bhith cinnteach air àite san ath-chuairt.

Bithear an dùil gun cleachd iad sgioba nas làidire sa gheama sin.