Cuairt dheireannach dheth

Air fhoillseachadh
Ball

Chaidh a' chuairt dheireannach de Chupa Eilein an Fhraoich a chur dheth is rèitirean a' diùltadh gnothach a ghabhail ri geamaichean sgioba nan Loch.

Bha na Lochan gu bhith a' dol an aghaidh an Taobh Siar sa gheama Dihaoine.

Tha mì-thoileachas nan rèitirean stèidhichte air tachartas - nach robh air a' phàirc idir - eadar fear de chluichdeairean nan Loch agus rèitire.

Thuirt Comann Ball Coise Leòdhais is na Hearadh gun deach fear a tha na rèitire a thoirt dhan ospadal às dèidh ionnsaigh nas tràithe air a' mhìos.

Chaidh càin air fireannach sa chùirt Diluain ann an co-cheangal ris a' chùis is chan eil an gnothach ann an làmhan nam Poileas tuilleadh.

Coinneamh

Tha na Lochan ag ràdh nach e gnothach ball-coise a bha seo is gun deach dèiligeadh ris, is mar sin nach eil dùil aca an cluicheadair a smachdachadh.

Ach tha na rèitirean ionadail ag ràdh nach dèan iad geamaichean nan Loch gus an tèid rèite a dhèanamh.

Beachdaichidh Comann Ball-Coise Amateurach na h-Alba air a' chùis aig coinneimh Diardaoin.

Bidh iad a' meòrachadh a bheil ùghdarras aca a dhol an sàs ann an cùis mar seo, is ma tha, cò am fo-chomataidh a bu chòir dèiligeadh leis.

Bha na Lochan air coinneamh iarraidh le Comann Ball Coise Leòdhais is na Hearadh is riochdaire nan rèitirean.

Tha na rèitirean ag ràdh nach dèan iad sin gus an cluinn iad dè thig à coinneimh Chomann Ball-Coise Amateurach na h-Alba.