Mì-fhoighidinn a thaobh Rathad an t-Stròim

Rathad an t-Sròim Image copyright British Broadcasting Corporation

Tha e coltach gu bheil cuid air Taobh Siar Rois a' call foighidinn le na h-ùghdarrasan mu cho beag adhartas 's th' ann le fuasgladh maireannach dha suidheachadh Rathad an t-Sròim.

Tha obair gus tòiseachadh as t-fhoghar air a' chreig os cionn seach-rathaid an t-Sròim agus mairidh e suas ri 12 seachdain.

Bidh an rathad dùinte air an oidhche eadar 10:00f agus 07:00m eadar na geataichean sàbhailteachd aig Àird an Tairbh agus beagan an iar air Atadal.

Bidh solais thrafaig an sàs air an rathad tron là, fhad 's a thèid seach-rathad a chur an sàs air an rèile.

Bheir sin suas ri cola-deug is gheibh daoine an uairsin air an rathad rèile a chleachdadh a rèir chlàr-ama.

Tha cuid san sgìre ag ràdh gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil feum air obair càiridh, ach gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart ri fuasgladh maireannach.

"Mì-chinnt"

"Tha e a' togail mì-chinnt a-rithist airson daoine anns na coimhearsnachdan seo", thuirt Donnchadh Fearghasdan, a tha a' fuireach san sgìre.

"Bidh na busaichean sgoile air ais air an rathad sin an ceann trì seachdainean agus tha tòrr luchd-turais air an rathad sin.

"Tha gnìomhachasan a tha a' cleachdadh an rathaid sin fad na h-ùine, tha seirbheisean èiginneach a tha a' cleachdadh an rathaid sin.

"Tha beagan mhì-chinnt ann is tha daoine a' call foighidinn nach eil iad a' cur air dòigh rudeigin a bhiodh feumail san ùine fhada", thuirt e.

Thuirt Mgr Fearghasdan nach eil e a' coireachadh Comhairle na Gàidhealtachd, is e ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba a thighinn air adhart le suim mhòr airgid gus fuasgladh fhaighinn.

Tha am fiosrachadh air fad mu obair an fhoghair an seo.