Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist

Chaidh còignear a mharbhadh ann an tubaist eadar càr agus meanbh-bhus air rathad an A96 ann am Moireibh an-raoir. Chaidh còignear eile a ghoirteachadh - le aon duine ann an cunnart am beatha - san tubaist a thachair dìreach ro mheadhan oidhche, trì mìle an ear air Baile Chèith. Bha na seirbheisean-èiginn uile an làthair agus chaidh daoine a ghiùlain a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an carbadan-èiridinn agus le heileacoptair. Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair. Tha an rathad fhathast dùinte eadar Baile Chèith agus Hunndaidh.

Brexit

Coinnichidh Theresa May ri Seansalair na h-Ostair agus Prìomhaire Poblachd nan Seiceach an-diugh gus bruidhinn mu Bhrexit. Tha i a' feuchainn ri taic a fhaighinn dha na molaidhean as ùire aice airson feuchainn ri Brexit às aonais aonta a sheachnadh.

Dòmhnall Trump

Tha aithrisean air nochdadh gu bheil seann fhear-lagha Dhòmhnaill Thrump, Mìcheal Cohen, air innse gun robh làn-fhios aig Mgr Trump ro làimh gun robh an sgioba chomhairleachaidh aige gu bhith a' coinneachadh ri oifigich Ruiseannach - fhad 's a bha an iomairt-taghaidh a' dol. Tha Mgr Trump air a dhol às àicheadh nan casaidean seo gun robh fhios aige ro làimh mun choinneimh aig Tùr Trump - far an robh a theaghlach fhèin cuideachd an làthair agus dùil aca ri fiosrachadh fhaighinn a dhèanadh cron air Hilary Clinton. Tha CNN ag aithris gu bheil Mgr Cohen deònach cuideachadh le rannsachadh oifigeil air cuilbheart leis an Ruis.

Rathad an t-Sròim

Tha muinntir Thaobh Siar Rois a' call foighidinn leis na h-ùghdarrasan mu cho beag adhartais 's a tha ga dhèanamh gus rathad ùr a thogail ri taobh Loch Carrann. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean fhoillseachadh seach-rathad an t-Stròim a dhùnadh tron oidhche airson trì mìosan as t-Fhoghar, ach chan eil daoine buileach cinnteach dè an càradh a thèid a dhèanamh, no dè a' bhuaidh a bheir e air an sgìre.

TSB

Dh'fhoillsich banca TSB call £107m thairis air na sia mìosan mu dheireadh às dèidh mar a dh'adhbhraich siostam IT ùr tròimhe-chèile dhan na mìltean de dhaoine na bu thràithe air a' bhliadhna. Rinn am banca £108m de phrothaid aig an aon àm an-uiridh.

Dubhadh na Grèine

Thig an dubhadh as fhaide ann an ceud bliadhna air a' Ghealaich a-nochd. Bu chòir a faicinn bho 8.49f agus i cho dearg ri fuil airson uair agus trì chairteil, ma bhios na speuran soilleir.