Aonaidhean "misneachail" mu BiFab

Gàradh Àranais

Thuirt aonaidhean an GMB is Unite gu bheil iad misneachail mu na tha an dàn do ghàrraidhean Àranais an Leòdhas, is Burntisland agus Methil am Fìobha.

Às dèidh mhìosan de mhì-chinnt, ghabh a' chompanaidh Chanadianach, DF Barnes, smachd sa Ghiblean air BiFab is na trì gàrraidhean.

Ged a chaidh fàilte air sin, tha aonaidhean an GMB is Unite ag ràdh gu bheil mì-chinnt air leantainn.

Ged a bha uair na ceudan ag obair aig na gàrraidhean, chan eil ann an-dràsta ach seachdnar air cùmhnantan pàirt-ùine.

Chaidh riochdairean bhon dà aonadh a Chanada an t-seachdain seo airson chòmhraidhean ri DF Barnes.

Dòchas

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil iad air am misneachadh gu bheil DF Barnes airson is gun soirbhich leis na gàrraidhean san ùine ghoirid agus san ùine fhada.

"Ged tha an t-uabhas de chrainn-ghaoithe againn ann an Alba, cha mhòr nach eil iad air an togail ann an Alba idir. Tha sinn riaraichte a-nise gu bheil cothrom air leth ann sin atharrachadh", thuirt na h-aonaidhean.

"Tha e follaiseach gu bheil DF Barnes airson is gum bi BiFab aig cridhe gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, is gum bi àite mòr aig gàrraidhean na h-Alba", thuirt iad.

Thuirt an GMB is Unite gur e an rud a tha a dhìth a-nise ach gun tig cùmhnantan a dh'Alba.

Thuirt iad gu bheil na sgilean ann is gum bu chòir tuathan-gaoithe na h-Alba a bhith air an togail ann an Alba.