Seòladh an Gallaibh ga chleachdadh ann am foill

Reic fuadain chàir

Tha feadhainn leis a bheil taigh ann an Gallaibh ag ràdh gu bheil sreath de dhaoine air a bhith a' tadhal orra gus càr a tha iad ag ràdh a cheannaich iad air-loidhne a thogail.

Tha cuid air tighinn bho cho fada air falbh ri Èirinn a Tuath is Lunnainn is gun fhios aca gun deach brath a ghabhail orra.

Bhon Nollaig, tha daoine air a bhith a' nochdadh a h-uile trì seachdainean no mar sin aig taigh ann am Baile a' Chaisteil an Gallaibh.

Tha feadhainn aca air na mìltean Notaichean a chosg air càr nach eil ann, is cunntas fuadain fon ainm Luka Modric, ainm chluicheadair ball-coise à Croàisia, air am mealladh.

Chan eil gnothach sam bith aig an fheadhainn a tha a' fuireach san taigh ris an rud agus aca ri mìneachadh dha daoine, cuid a tha air na ceudan mhìltean a shiubhail, gun deach an car a thoirt asta.

Tha iad a' smaointinn gu bheil an fheadhainn a tha ri foill an seo a' fuireach ann an Sasainn, is gun do thagh iad seòladh ann an Gallaibh leis gu bheil e cho fada bhuapa.