Tagradh 'son dualchas na h-Alba a dhìon

Raon Bhlàr Chùil Lodair Image copyright Google
Image caption Bhiodh raon bhlàr Chùil Lodair mu leth mhìle bhon leasachadh thaighean.

Bu chòir laghan dealbhachaidh na h-Alba atharrachadh gus dìleab na dùthcha a dhìon, a rèir Urras Nàiseanta na h-Alba.

Tha NTS ag iarraidh air an Riaghaltas laghan ùra a chur an sàs airson làraichean cudromach a ghlèidheadh.

Tha an t-iarrtas a' tighinn às dèidh thagraidhean planaidh aig dà làraich chudromaich air a' Ghàidhealtachd.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead do leasachadh thaighean faisg air raon bhlàr Chùil Lodair agus do raon goilf air làrach SSSI aig a' Chùil ann an Cataibh.

Thuirt NTS gum fadadh na planaichean fìor dhroch bhuaidh a thoirt air na sgìrean sin agus gu bheil dualchas air a chur dhan dàrna taobh airson buannachd eaconomach thar ùine ghoirid.

Tha an carthannas air iarrtas às ùr a dhèanamh airson ath-leasachadh air laghan planaidh.

Thuirt iad, le Bile Planaidh na h-Alba a tilleadh dhan Phàrlamaid san t-Samhain, gur e àm fìor mhath a th' ann siostam a chruthachadh a chuireas dìon air dualchas na h-Alba airson ginealaichean ri thighinn.