"Ùine a bharrachd a dhìth" mu raon-ghoilf

Machaire a' Chùil Image copyright Craig Allardyce

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba barrachd ùine airson co-dhùnadh a dhèanamh air am bu chòir dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air na planaichean airson raon-goilf a thogail faisg air Eurabol ann an Cataibh.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dha na planaichean bho chionn ghoirid.

Ach tha buidheann air a bheil Coimisean na Cruinne ag ràdh gum feum ministearan na planaichean a ghairm a-steach, no gun tèid àrainneachd phrìseil a sgrios.

Bha oifigich na Comhairle a' moaldh nach cuireadh comhairlichean taic ris na planaichean.

Bhiodh pàirt den chùrsa air làrach ghlèidhte aig a' Chùl, agus bha oifigearan ag ràdh gun toireadh e droch bhuaidh air an àrainneachd.

Ach thug comhairlichean cead-dealbhachaidh dha na planaichean agus iad ag ràdh gum bi e gu buannachd na h-eaconomaidh.

Dh'fhàg sin luchd-glèidhteachais mì-thoilichte.

Tha Coimisean na Cruinne ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air na planaichean cho luath 's a ghbahas, no gun tèid àrainneachd phrìseil a sgrios ma thèid an raon-goilf a thogail.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gum feum iad barrachd ùine airson beachd a thoirt air a' chùis.

Bidh a-niste 28 làithean aca gus co-dhùnadh deireannach a ruighinn.