Biadh GM do bhradan air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Bradain

Tha obair rannsachaidh ga dèanamh air a' Ghàidhealtachd a thaobh a bhith ag àrach bhradain le biadh a rinneadh à barr Gin Atharraichte.

Tha mòran de dh'ola Omega 3 anns a' bhàrr GM, agus tha an luchd-rannsachaidh an dòchas gum bi sin an uairsin ri fhaotainn san iasg, ga dhèanamh nas fhallaine do dhaoine.

Tha an obair ga dèanamh air tuathanas èisg faisg air Loch Ailleart.

Tha feadhainn a tha an aghaidh teicneòlas GM ag ràdh, ge-tà, nach eil seo ach a' cur cùl-thaic ri biadh nach gabh a dhèanamh ann an dòigh mhaireannaich.