Àite do nighinn an aonad Gàidhlig

Air fhoillseachadh
Bun-Sgoil an Ath Leathainn

Sgrìobh Comhairle na Gàidhealtachd gu fear san Eilean Sgitheanach ag ràdh gum faigh an nighean aige àite san aonad Ghàidhlig ann am Bun-Sgoil an Ath Leathainn, agus iad an dòchas tidsear Gàidhlig ùr fhastadh an sin.

Bha a' Chomhairle roimhe air innse do Choinneach Mac a' Ghobhainn nach robh an còrr rùm ann air taobh Gàidhlig na sgoile às dèidh an t-Samhraidh, agus gum biodh aig an nighean aige ri dhol gu taobh Beurla na sgoile, no gu Bun-Sgoil Shlèite, far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn.

Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gun robh e taingeil dhan Chomhairle, agus gun robh e na fhaochadh dha gum b' urrainn dhan nighean aige cumail oirre aig Sgoil an Ath Leathainn.