Dragh mu dhùnadh stèisean connaidh an Ath Leathainn

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dragh mu dhùnadh stèisean connaidh Sgitheanach

Choinnich daoine san Ath Leathann san Eilean Sgitheanach ris a' Cho-op, agus dragh orra mu phlanaichean gus an stèisean connaidh a th' acasan sa bhaile a dhùnadh fad trì mìosan bho dheireadh na mìos seo.

Tha dragh nach do bhruidhinn an Co-op ris a' choimhearsnachd mun chùis.

Tha an Co-op ag ràdh gum feum an stèisean dùnadh fhad 's a nì iad obair-leasachaidh luach £3m air na pumpaichean agus air a' bhùth aca sa bhaile.

'S e an aon àite san eilean far am faighear connadh 24 uairean san là.

Tha an Co-op ag ràdh nach gabh an obair a dhèanamh tron Gheamhradh, agus nach robh iad airson a dhèanamh as t-Samhradh.

Thuirt iad gum biodh an obair gu buannachd na coimhearsnachd aig a' cheann thall.

Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd an Ath Leathainn, Hamish Friseal, gu bheil e toilichte gu bheil an leasachadh ga dhèanamh ach gu bheil dragh air mu bhuaidh na h-obrach.

"Cuiridh an obair uallach mòr air luchd-turais. Cuiridh e uallach mòr air an eilean san fharsaingeachd," thuirt e.

"Tha obair mhòr ri dhèanamh a dhèanamh cinnteach nach eil sinn a' dol a thachairt agus gu bheil sin a' dol a dh'fhaighinn dòigh air adhart a bhios freagarrach dhan a h-uile duine," thuirt e.

An dèidh coinneachadh ri manaidsear na pròiseict Diciadain, tha Mgr Friseal dòchasach gun tèid còimhead ris a' chùis.

Chuir Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, fàilte air an leasachadh, a bhios a' ciallachadh gum bi dà phumpa a bharrachd ann, a thuilleadh air bùth nas motha.

Mhol i, ge-tà, gun deadh an obair a dhèanamh thairis air ùine seach na pumpaichean air fad a dhùnadh aig an aon àm.

"Na mo bheachd-sa bu chòir dhaibh dhà neo trì phumpaichean a dhùnadh aig an aon àm, agus nì sin a' chùis na mo bheachd-sa," thuirt i.