Fosgladh oifigeil Rathad Fhionnlaigh

Rathad Fhionnlaigh ann an Sanndaigh

Chaidh a' chiad rathad air eilean beag Albannach fhosgladh gu h-oifigeil.

Tha an rathad air Eilean Shanndaigh - aig a bheil ceangal drochaid ri Canaigh - a-nis aithnichte mar Rathad Fhionnlaigh.

Chaidh a thogail thar sia seachdainnean le Fionnlagh Crawford an dèidh do dh'Urras Coimhearsnachd Chanaigh airgead a thrusadh airson na h-obrach tro iomairt phoblaich.

Chosg an obair £31,400 uile gu lèir.

Thug Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil an dà eilean, airgead seachad cuideachd.

Tha an rathad, air a dhèanamh à morghan, ga chleachdadh an àite frith-rathad a dheadh fo uisge nuair a bhiodh làn ann.

Chan eil an rathad ach mu mhìle gu leth a dh'fhaid ach tha e a' ciallachadh nach fheum an seachdnar a tha a' fuireach ann an Sanndaigh feitheamh ris an tràigh airson siubhal ann an carbad.

Thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd Chanaigh, Geraldine NicFhionghuin, gu bheil an rathad ùr a' dol a dh'atharrachadh beatha nan eileanach gu mòr.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil ceangal eadar an dà eilean a-nis cèithir uairean fichead sa latha.

"Bidh e gu math feumail ma bhios sinn ann an èiginn sam bith, leithid cuideigin a' fàs tinn tron oidhche, neo am maoir-chladaich ga ghairm.

"'S urrainn dhuinn a dhol dhan chàr agus a thighinn a-null as spot. Chan eil againn ri a bhith a' smaoineachadh - a bheil làn ann no nach eil?" thuirt i.

Thàinig am morghan airson an rathaid bho chuaraidh ann an Eilean Shanndaigh fhèin agus bhon tràigh.

Rinn Fionnlagh Crawford an obair lèis fhèin agus cha robh càil a dhùil aige gun deadh soidhne le "Rathad Fhionnlaigh" sgrìobhte air a chur suas aig ceann an rathaid.

"Bha tòrr obair na luib, ach lean mi orm," thuirt e.

Image copyright Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Eilean Chanaigh
Image caption Cha b'urrainn do dhaoine am frith-rathad a chleachdadh nuair a bha làn ann.