Comhairle rathaid mu Bhelladrum

Primal Scream

Tha dà thachartas mòr a' dol air adhart a' Ghàidhealtachd dìreach beagan mhìltean air falbh bho chèile.

Thòisich Fèill Àiteachais an Eilein Duibh air a' Bhlàr Dhubh Diciadain.

'S i an fhèill àiteachais as motha air Ghàidhealtachd.

Dh'fhosgail na geataichean airson fèis air Oighreachd Bhealadruim faisg air a' Mhanachain tràth madainn Diardaoin.

Tòisichidh an fhèis fhèin air an oidhche.

Thug stiùirichean na fèise rabhadh gum biodh na rathaidean trang eadar 14:00f agus 20:00 feasgar.

"Tha seirbheisean bus eadar an làrach agus Inbhir Nis agus sgìrean dùthchail eile. Tha seirbheis bus cuideachd eadar Bella agus Fèill Àiteachais an Eilein Duibh.

"'S urrainn do dhaoine cuideachadh le a bhith a' fàgail nan carbadan aca aig an làraich aon uair 's gu ruige iad," thuirt iad.

Dh'iarr iad cuideachd air daoine gun a bhith a' coiseachd air an rathad mu thimcheall làrach na fèis.

Tha dùil ri 30,000 duine aig an fhèill àiteachais agus ri 20,000 duine aig Fèis Bhelladrum a mhaireas gu Disathairne.

Tha Amy MacDonald, Paloma Faith agus Primal Scream am measg na bhios air an àrd-ùrlar.

Bidh BBC Alba a' craoladh bhon fhèis bho 21:00f oidhche Dhiardaoin agus 21:00f Dihaoine agus Disathairne.