30 acair talmhainn ann an làmhan na coimhearsnachd

Glumagan nan Sìthichean Image copyright Getty Images
Image caption Tha raon-parcaidh aig Glumagan nan Sìthichean am measg na th' anns an amharc.

Tha 30 acair talmhainn air taobh siar an Eilein Sgitheanaich a-nis gu h-oifigeil ann an làmhan na coimhearsnachd.

'S e Minginis a' chiad choimhearsnachd ann an Alba a fhuair sealbh air an fhearann fo sgeama ùr le Riaghaltas na h-Alba.

Tha làrach-pharcaidh do chàraichean aig Glumagan nan Sìthichean - a ghabhas 137 càr - am measg na th' anns an amharc aca.

Bidh tachartas anns a' choimhearsnachd Dihaoine, an 10mh là, airson seo a chomharrachadh.