Am Baile Ùr an suidheachadh làidir

Caman

Tha Baile Ùr an t-Slèibh ann an suidheachadh nas làidire am Prìomh Lìog na h-Iomain is cùisean air a dhol nam fàbhar air an deireadh-sheachdain.

Rinn am Baile Ùr a' chùis 2-0 air Ceann a' Ghiuthsaich oidhche Haoine le dà thadhal bho Iain Robinson.

Ged a bha làmh an uachdair aig Ceann a' Ghiuthsaich tràth sa gheama, cha do chruthaich iad mòran chothroman agus air a' cheann thall bha Baile Ùr an t-Slèibh an ìre mhath cofhurtail.

Thàinig an tuilleadh deagh naidheachd dhaibh Disathairne is Ceann Loch Seile a' call 4-1 ri Camanachd an Òbain.

Cothrom

Tha coltas ann aig an ìre seo gu bheil am Baile Ùr ann an sunnd dìreach fhad 's a tha ceist no dhà a' nochdadh mu Cheann Loch Seile.

Aig an dearbh àm, tha Caol Bhòid fhathast le cothrom air an tiotal às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air an Eilean Sgitheanach 4-0.

Bha buille ann do dàrna sgioba an eilein cuideachd is iadsan a' call 2-0 ris a' Ghearasdan ann an Cupa Shrath Èireann.

Bidh aire a-nise a' tionndadh air an iar-chuairt-dheireannaich de Chupa na Camanachd Disathairne seo tighinn eadar Lòbhat is Ceann a' Ghiuthsaich, is Baile Ùr an t-Slèibh mar thà sa chuairt dheireannaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile