Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Lùnasdal 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bean-Ghlùine

Nochd fear anns a' chùirt ann an Staffordshire fo chasaid gun do mhuirt e Samantha Eastwood. Chaidh corp a' bhean-ghlùine a lorg Disathairne, ochd làithean às dèidh dhi a bhith air a faicinn mu dheireadh a' fàgail Ospadal Rìoghail Oilthigh Stoke. Chaidh Mìcheal Stirling, a tha 32, a chumail an grèim.

Indonèisia

Tha còrr air 90 air am beatha a chall às dèidh do chrith-thalmhainn bualadh air Eilean Lombok ann an Indonèisia an-dè. Chaidh na ceudan a bharrachd a leòn anns a' chrith-thalmhainn, a chaidh a chlàradh aig ìre 7. Chaochail dithis ann an Eilean Bali cuideachd ri linn. Seo an dàrna crith-thalmhainn ann an Lombok anns an t-seachdain mu dheireadh.

An A9

Tha na Poilis air an A9 a dhùnadh beagan a tuath air Blàr Athall às dèidh do dhà charbad bualadh na chèile. Chuireadh fios air an seirbheisean èiginn gu ceann-rathaid a' House of Bruar mu 09:00m. Chan eil slighe eile ann, agus tha trafaig na stad ann. Chan eil fios sam bith a bharrachd ann mu na thachair.

Glaschu

Tòisichidh iomairt laghail an-diugh an aghaidh oidhirp air luchd-siridh comraich a chur a-mach às na dachaighean aca ann an Glaschu. Tha Shelter Alba a' cur phàipearan an sàs aig Cùirt an t-Siorraidh, às lèth dithis luchd-màil feuch stad a chur air a' chompanaidh Serco bho ghlasan na dachaigh aca atharrachadh. Tha dùil gun tèid a' chùis a thogail ann an Cùirt an t-Seisein cuideachd. Tha àrd-stiùiriche Serco air innse dhan BhBC ann an Alba gun robhas a' cur fàilte air soilleireachadh cùirte, ach gu bheil na thathas a' dèanamh gu tur a rèir an lagha.

Trèanaichean

Tha luchd-strì ag ràdh nach eil Riaghaltas na h-Alba air cumail ri gealltanas a chaidh a dhèanamh bho chionn deich bliadhna an ùine a tha trèanaichean a' toirt eadar Inbhir Nis agus meadhan na h-Alba a lùghdachadh. Tha Friends of the Far North Line ag ràdh nach deach ach ceithir mionaidean a thoirt far na h-ùine chun seo. Thuirt labhraiche dhan Riaghaltas gu bheil an dàrna earrainn de dh'obair air prìomh loidhne na Gàidhealtachd air tòiseachadh, agus gu bheilear ag amas air seirbeis gach uair de thìde eadar Inbhir Nis agus Peairt, agus deich mionaidean a ghearradh far na h-ùine.

Ionnsaighean Chon

Tha an àireamh ionnsaighean le coin air caoraich an Alba air èirigh cha mhòr 70% ann an dà bhliadhna. Tha na figearan a' tighinn bhon chompanaidh àrachais NFU Mutual. Tha iad ag ràdh gun do chosg an leithid £330,000 an-uiridh a-mhàin.

NHS Taobh Tatha

Dhearbh NHS Taobh Tatha gu bheil an t-seann àrd-stiùiriche aca air am bòrd fhàgail, cha mhòr ceithir mìosan às dèidh dhi a bhith air a cur às a dreuchd. Bha Lesley McLay air a bhith air fòrladh tinneis bhon Ghiblean, às dèidh do Rùnaire na Slàinte a ràdh nach robh i seasmhach na dreuchd. Tha seo às dèidh dhraghan mu riaghladh ionmhais a' bhùird.

Beul Atha an Droma

Tha an fheadhainn a tha a' ruith Fèis Bhelladrum ag ràdh gun robh tè na bliadhna seo air an tè as fheàrr a-riamh. Bha 18,000 duine an làthair aig an fhèis, a mhair trì làithean air an deireadh-sheachdain seo chaidh. Ged a bha an aimsir caochlaideach thuirt na stiùirichean gun do shoirbhich i gu mòr.