Slighe an uisge-bheatha

Uisge-beatha Image copyright Thinkstock
Image caption Tha slighe uisge-bheatha mar-thà ann an sgìre Mhoireibh.

Thig taighean-staile anns an Eilean Sgitheanach, ann an Ratharsair agus anns na Hearadh còmhla mar "shlighe uisge-bheatha Innse Gall".

Bidh an t-slighe de 115 mìle a' ceangal Taigh-Staile Ratharsair, Taigh-Staile Thorabhaig, Taigh-Staile Thalasgair agus Taigh-Staile na Hearadh.

Thèid a cur air bhog gu h-oifigeil air a' 15mh là den Lùnastal.