Fireannach air bàsachadh ann an Loch Sìldeig

Bhàsaich fireannach, 63, aig tuathanas-eisg ann an Loch Sìldeig air taobh siar Rois.

Chaidh ainmeachadh gu h-ionadail mar Dhonnchadh MacMhathain, a bha na iasgair airson maosgain-chaola.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn aig mu 09:00m Dimàirt, agus chaidh corp an duine a thoirt às an uisge.

Thuirt na Poilis nach eil coltas ann gun robh càil amharasach mun bhàs.