Còmhraidhean mu Aonta nan Eilean

Thèid tuilleadh chòmhraidhean a chumail Diciadain mu Aonta nan Eilean 's dòchas ann gun toireadh sin airgead mòr a-steach dhan na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Chaidh aontaidhean luach £3.3bn a thoirt do bhailtean mòra na h-Alba agus tha na comhairlean eileanach air strì a dhèanamh airson an cuid fhèin fhaighinn.

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar ri Ministear nan Eilean ann an Riaghaltas na h-Alba, Pòl Wheelhouse, air a' chiad thuras aige dhan na h-Eileanan bho fhuair a e an dreuchd anns an Òg-mhìos.

Ged nach tàinig dearbhadh fhathast dè an suim airgid a gheibh na sgìrean eileanach, tha dùil gun tigeadh an dàrna leth dheth bho Riaghaltas Westminster agus an leth eile bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil gun tèid tagradh ullachadh anns na beagan sheachdainnean ri thighinn, le dùil ri co-dhùnadh an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile